Mun Phròiseact

Tha suirbhidh ‘Buille cridhe’ air Alba na cheum tòiseachail ann am pròiseact MFA nas motha gus coimhead air ceangailteachd (connection) is dì-cheangailteachd (disconnection) le bhith a’ tuigsinn mar a tha Alba a’ faireachdainn aig an àm seo. ‘S e an t-amas a bhith a’ toirt guth ealanta do na diofar shaoghalan a th’ aig daoine agus aig an aon àm a bhith a’ coimhead air mar a tha comann-sòisealta na h-Alba ag obair, cò dha a bhios e ag obair agus mar a tha seo a’ faireachdainn bho dhiofar sheallaidhean.

Leis an ùpraid agus troimhe-chèile a tha an seacadh eaconamach, staing an ionmhais agus Brexit air adhbharachadh, ‘s e deagh àm a th’ ann gus a’ cheist seo a chur. Aig àm nuair a tha Alba a’ beachdachadh air dàrna referendum air neo-eisimeileachd do dh’Alba, tha mi a’ faighneachd, ciamar a tha Alba a’ faireachdainn? Chan e ceist mu fhèin-aithne as motha a th’ ann – ‘s ann a tha e mu dheidhinn na tha a’ ceangal is a’ dì-cheangal daoine ri chèile ann an comann-sòisealta na h-Alba. Thathar a’ faighneachd ciamar a tha Alba a’ faireachdainn, mar a tha staid a’ chomainn shòisealta, mu bhith a’ faireachdainn gu bheilear a’ cur luach annad, a’ faireachdainn gu bheilear ag èisteachd riut, agus mu choimhearsnachd.

Mar thoradh air an t-suirbhidh, bidh còmhraidhean ann agus thèid obair ealain a chruthachadh. Is dòcha gum bi seo a’ gabhail a-steach measgachadh de dh’obair ùr agus de rudan às an rannsachadh a tha air an cur ri chèile mar aithris ioma-chùiseach. Tha mi an dòchas gum bi an obair seo mar bhun-stèidh gus ath-cheangail a dhèanamh tro ghnìomhan is tro a bhith a’ dèanamh iomairtean.

Mun neach-ealain

Gu ìre mhòr, tha m’ obair stèidhichte air a bhith a’ toirt sùil air faireachdainnean ann an dòigh choincheapail (conceptual) agus sgrùdach, a’ coimhead air na fionn-sgeòil a tha sinn a’ gabhail ris airson a bhith tighinn beò bho latha gu latha. Le bhith a’ coimhead air na sgeulachdan a tha air cùl rudan làitheil àbhaisteach, bheir na diofar sheallaidhean a th’ aig daoine oirnn a bhith a’ dèanamh ath-sgrùdadh air an tuigse againn fhèin air mar tha an saoghal ag obair is mar a bu choir dha a bhith ag obair. Le bhith a’ cleachdadh ealain, deilbh is teòirig shòisealta, thathar a’ soillseachadh nan siostaman sam beò sinn agus na rudan a tha sinn a’ sùileachadh. An toradh? Ealain a tha ag amas air trioblaidean a dh’fhaodadh a bhith ann a lorg agus a bhith a’ brosnachadh gnìomhachd agus tuigse.